Làrach-lìn / Website Comunn na Gàidhlig
‘Se cothrom a tha seo a dhol an sàs aig teis mheadhan obair leasachaidh na Gàidhlig anns an raon às cudromaiche a th’ann am measg an òigridh – a’ cumail taic is brosnachadh ri luchd-labhairt ùr.
Tha na “h-Iomairtean Ghàidhlig” air a bhith stèidhichte aig Comunn na Gàidhlig bho chionn 2009, agus tha an dreuchd a tha seo mar phàirt den sgioba cliùiteach, taiceil seo.
Bìdh an oifigeir seo a’ gabhail thairis sgìre far am bheil a Ghàidhlig làidir, is far am bheil obair mhath air a bhith a’ leantainn: sgìre Uibhist a Deas is Èrisgeigh.
Mar leis a h-uile Iomairt Ghàidhlig eile, tha fòcas làidir againn anns an sgìre seo air an òigridh fhèin, a’ feuchainn ri am brosnachadh agus am misneachadh anns a chànain, agus an dàimh-pearsanta a th’aca dhan Ghàidhlig a dhaingneachadh.
Tha seo ga dheànamh le measgachadh de seiseanan is cur-seachadan spòrsail is tarraingeach, gach cuid leis an oifigear fhèin gan lìbhrigeadh, neo le bhith a’ cur air dòigh feadhainn eile ‘son siud a dhèanamh.
Tha e riatanach gum bheil ùidh aig an neach a gheibh an dreuchd seo ann a bhith ag obair le daoine òga (sa bhun-sgoil, suas gu deireadh na h àrd-sgoile); agus cuideachd a bhith an comas dàimh is càirdeas a thogail leotha.
Tha sinn a’ lorg chuideigin le mac-meanma, dealas dhan chànain, agus ùidh mhòr ann an obair òigridh. Bidh an dreuchd a’ crochadh air clàradh soirbheachail le sgeama ‘PVG’ – gach cùid ùrachadh, no clàradh às ùr, a rèir na bhiodh a dhìth.
Ma tha ùidh agaibh san dreuchd seo, gheibh sibh am fòirm iarrtais an seo agus faodaidh sibh seo a thilleadh gu marina@cnag.org ron an 12mh den Faoilleach 2026. Cha ghabh ri thagraidhean gun foirm iarrtais air a lìonadh.
‘Se dreuchd làn ùine a tha seo, stèidhichte aig CnaG, le maoin bho Bhòrd na Gàidhlig.
Dreuchd air a mhaoineachadh le / Post funded by

Tuilleadh fiosrachaidh / More info
Tuairisgeul Obrach Uibhist a Deas 2025.docFOIRM IARRTAIS OBRACH Oifigearan leasachaidh oigridh is coimhearsnachd Uibhist a Deas.doc
Tha tagraichean dùinte airson an sanas-obrach seo. Tadhail air an duilleag obraichean airson cothroman ùra fhaicinn.
Applications for this position are closed. Please visit the jobs page to see new positions.