An Comunn Gaidhealach
Cothrom air a’ bhuidheann a stiùireadh gu àm ùr agus brosnachall
Is e Companaidh Earranta le Barrantas agus Carthannas Albannach Clàraichte a th’ anns a’ Chomunn Ghàidhealach. ’S e adhartachadh cànan is cultar na Gàidhlig prìomh dhleastanas na buidhne.
Tha a’ phrìomh oifis stèidhichte ann an Inbhir Nis.
Prìomh Dhleastanasan
- Ag aithris don Chathraiche agus don Bhòrd-stiùiridh, bidh uallach air an neach a tha soirbheachail airson na leanas:
- Pròiseas de leasachadh leantainneach a stèidheachadh agus a stiùireadh airson lìbhrigeadh bliadhnail air a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail agus 18 Mòdan Ionadail.
- Conaltradh ri agus leasachadh èifeachdach air a’ Bhallrachd.
- Cumail cheanglaichean ri agus a’ comharrachadh luchd-urrais ùr agus ag inntrigeadh stòran maoineachaidh bho thobraichean Poblach is Prìobhaideach.
- Ag adhartachadh cleachdadh na Gàidhlig ann am beatha làitheil na coimhearsnachd.
- Ag adhartachadh sgrùdadh agus leasachadh air cànan, ceòl, dràma agus litreachas na Gàidhlig a thuilleadh air na cruthan ealain eile co-cheangailte uile.
- Gu gnìomhach a’ sireadh aithne oifigeil don Ghàidhlig agus cleachdadh air a’ Ghàidhlig mar chànan beò agus mar sho-mhaoin nàiseanta do bhuidhnean ionadail, nàiseanta is eile, le bhith a’ co-obrachadh leis na buidhnean eile uile a tha an sàs ann an leasachadh agus adhartachadh cànan is cultar na Gàidhlig.
- A’ coileanadh mar cheannard làidir don charthannas; mar thosgaire dearbhach le com-pàirtichean bhon taobh a-muigh agus mar stiùiriche deimhinneach is mar dheagh eisimpleir do luchd-obrach is saor-thoilich.
- Stiùireadh obair a’ bhuidhinn, riaghladh a ghoireasan, gèilleadh do riatanasan laghail, agus dèanamh cinnteach à deagh chleachdadh anns gach raon den obair.
- Riaghladh a’ Bhuidhinn.
- Stiùireadh Ionmhasail.
- Ceannardas, a’ taisbeanadh stoidhle ceannardais in-ghabhalach.
- Tagradaireachd is Leasachadh Com-pàirteachais.
- Chan eil an liosta gu h-àrd ach mar chomharra a-mhàin agus chan eil i uile-ghabhalach. Bithear a’ sùileachadh don Àrd-Oifigear a leithid sin de dhleastanasan a bharrachd a choileanadh agus a tha gu reusanta co-rèireach ris an dreuchd.
Modh tagraidh
Bu chòir do thagraidhean ann an cruth CV gnàthaichte agus litir na chois a’ togail air do sgilean is eòlas a tha buntainneach don dreuchd, a bhith a-staigh ro mheadhan-oidhche Diluain 16 Dùbhlachd (Seòladh gu h-ìosal)
Tha Page Executive a’ gnìomhadh mar bhuidheann fastaidh a thaobh trusadh maireannach agus mar ghnothachas fastaidh a’ solarachadh luchd-obrach sealach. Is e Fastaiche Co-ionannachd Chothroman a th’ ann am Page Executive.
Seòladh:
Bill
Guthrie
Associate Partner
Page Executive Scotland
180 West George Street,
Glasgow
G2 2NR
T: +44 141 331 7964
M: +44 790 021 4954
E: billguthrie@pageexecutive.com
W: www.pageexecutive.com
Tha tagraichean dùinte airson an sanas-obrach seo. Tadhail air an duilleag obraichean airson cothroman ùra fhaicinn.
Applications for this position are closed. Please visit the jobs page to see new positions.