Ceumnaiche Inntearnach (Gàidhlig & Meadhanan Sòisealta)

  • Làn-thìde / Full-time
  • Inbhir Nis
  • Posted 4 years ago
  • Tha seo dùinte do thagraichean ùra / Applications have closed
  • Tuarastal / Salary: £19,092 - £21,440 p.a.
  • Cùmhnant / Contract: 18 mìosan
  • Uairean san seachdain / Hours per week: 35
  • Gàidhlig / Gaelic: Riatanach / Essential
  • Ìre foghlaim a dhìth / Education level needed: Fo-cheum

Làrach-lìn / Website HighlandCouncilComhairle na Gàidhealtachd

Tiotal Dreuchd: Ceumnaiche Inntearnach (Gàidhlig agus Meadhanan Sòisealta)
Àite: Inbhir Nis
Uairean: 35 san t-seachdain
Ùine: Stèidhichte airson 18 mìosan
Tuarastal: £19,092 – £21,440

San àbhaist, bidh an tuarastal aig a’ chiad ìre den bhann.

Feumaidh Gàidhlig a bhith aig tagraichean.

Neach Fiosrachaidh: Lena Walker, Fòn: 01463 702402. Gheibhear fios cuideachd bho gaelic@highland.gov.uk

Adhbhar Dreuchd: Ìomhaigh na Gàidhlig a thogail agus cuideachadh le bhith a’ toirt air adhart grunn phrìomh leasachaidhean air-loidhne.

Cuiribh a-steach TAGRADH AIR-LOIDHNE. Mura h-urrainn dhuibh tagradh a chur a-steach air-loidhne agus sibh ag iarraidh pasgan iarrtais far-loidhne, cuiribh fios gu Taic Gnothachais tro recruitment.enquiries@highland.gov.uk  a’ toirt seachad àireamh na dreuchd gu h-àrd.

Mar as trice ’s ann tro phost-d a thèid fios a chur gu tagraichean air a’ gheàrr-liosta, mura h-eilear ag innse a chaochladh. Cumaibh sùil air ur puist-d, agus air a’ phasgan sgudail.

Feumalachdan

Ìre ceuma le ciad roghainn airson cuspair didseatach/meadhanan sòisealta/margaidheachd no eòlas is fios co-ionann.

Tha tagraichean dùinte airson an sanas-obrach seo. Tadhail air an duilleag obraichean airson cothroman ùra fhaicinn.

Applications for this position are closed. Please visit the jobs page to see new positions.