Làrach-lìn / Website Fèis Rois
Ainm na Dreuchd: Oifigeach Gàidhlig
Freagarrach do: Ceannard, Fèis Rois
Uairean-obrach: 14 hours A’ toirt a-steach an fheasgair is an deiridh-sheachdain mar a tha feum air. Tha Fèis Rois ag obair air bunait seachdain 4- latha, agus mar sin tha an dreuchd seo na dreuchd leth-ùine (0.5FTE).
Àit’-obrach: Oifis Fèis Rois, Taigh MhicDhonnchaidh, Inbhir Pheofharain, IV15 9QR agus/no ag obair aig an taigh.
Tuarastal: £15,366
Làithean-saora: 14 làithean sa bhliadhna a’ toirt a-steach làithean-saora poblach
Peinnsean: Thèid ur clàradh sa bhad ann an sgeime peinnsein Fèis Rois. Pàighidh sibhse 5% den tuarastal agaibh agus pàighidh Fèis Rois 5%.
Prìomh-fhàth Dreuchd an Oifigich Ghàidhlig
A bhith a’ stiùireadh a h-uile raon de leasachadh na Gàidhlig airson Fèis Rois, na mheasg: cur an comas barrachd dhaoine Gàidhlig a chleachdadh is a mhealtainn san obair agus sa choimhearsnachd;a’ meudachadh chothroman do dhaoine de gach aois aig a bheil gnothach ri Fèis Rois piseach a thoirt air an sgilean Gàidhlig;a’ mòrachadh aire luchd-èisteachd is luchd-compàirt Fèis Rois air a’ Ghàidhlig.
Dleastanas
• A’ cur air dòigh agus a’ toirt aoigheachd do Cearcall Còmhraidh gach seachdain aig an làrach ann an Inbhir Pheofharain, bho 10f gu 12:30f gach Diardaoin.
• A’ tòiseachadh agus a’ toirt aoigheachd do sheisean ùr Gàidhlig airson pàrantan le clann-bheaga agus clann aois 0 gu 3 bliadhna.
• A’ dealbhadh, a’ leasachadh agus a’ cur air bhog sreath ùr de thaisbeanaidhean ann an Inbhir Pheofharain air a bheil “Ceòl is Coimhearsnachd.”
• “Gàidhlig ann an Inbhir Pheofharain.” Ag obair le raon farsaing de chom-pàirtichean ann an Inbhir Pheofharain gus dèanamh cinnteach gu bheil an Gàidhlig follaiseach anns na comharrachadh “Dingwall 800” (a’ comharrachadh 800 bliadhna bho chaidh Inbhir Pheofharain a dhearbhadh mar Bhaile Rìoghail ann an 2026) agus gu bheil àrd-ìre de chlàradh air a’ chànan anns a’ bhaile an dèidh sin.
Sgilean is Eòlas Riatanach
• Fileanta ann am bruidhinn na Gàidhlig le sàr-Ghàidhlig sgrìobhte
• Sàr-sgileanan conaltraidh agus an comas air co-obrachadh gu h- èifeachdach le taghadh farsaing dhaoine
• Sgilean math coimpiutaireachd agus misneachd ann a bhith a’ cleachdadh ghoireasan Microsoft Office, WordPress agus làraichean meadhanan sòisealta
• Comas air obair mar phàirt de sgioba beag agus dàimh a dhèanamh ri coimhearsnachdan, co-obraichean, luchd-compàirt a-muigh agus luchd- comainn
• Eòlas air grunn phrìomhachasan a làimhseachadh agus comas air obair taobh astaigh ceann-ùine geàrr ach aig a’ cheart àm le aire mhionaideach
• A’ làimhseachadh buidseit a’ phròiseict, na mheasg a’ ceadachadh fhàirdealan agus a’ cumail sùil air cosgaisean làitheil pròiseict
Mar a chuireas tu tagradh a-steach
Feuch gun cuir sibh ur cunntas-beatha agus 2 x thaobh A4 aig a’ char as motha ag innse carson a bu mhiann leibh an dreuchd seo a lìonadh, agus an t-eòlas freagarrach a bheireadh sibh don dreuchd, gu fiona.dalgetty@feisrois.org gun a bhith nas fhaide na 24 Lùnastal.
Clàr fastaidh
•24 dhen Lùnastal Ceann-latha
• 28 dhen Lùnastal Agallamhan
• 29 dhen Lùnastal Fios aig a h-uile tagraiche air a’ cho-dhùnadh
Dreuchd air a mhaoineachadh le / Post funded by

Tha tagraichean dùinte airson an sanas-obrach seo. Tadhail air an duilleag obraichean airson cothroman ùra fhaicinn.
Applications for this position are closed. Please visit the jobs page to see new positions.