Rebecca *******

A Charaid Chòir,

Bu mhath leam ùidh a nochdadh anns an dreuchd aig Astar Media mar Cho-òrdanaiche Pròiseict.

Le co-cheum sa chiad rang bho Oilthigh Ghlaschu ann an Gàidhlig agus Spàinntis, agus le eòlas farsaing ann an stiùireadh phròiseactan agus miann airson cànan is cultar na Gàidhlig a bhrosnachadh nas fhaide, shaoilinn gum biodh mo chuid sgilean fìor fhreagarrach don obair a th’ agaibh.

Bhon eòlas phroifeasanta a fhuaras san oifis do dh’Òganan (companaidh cùram-cloinne tro Ghàidhlig), agus air sàilleibh an inntearnais a rinn mi aig Comann Eachdraidh an Taighe Ghil ann am Washington D.C. o chionn ghoirid, tha mi air sgilean làidir ann an rianachd agus co-òrdanachadh pròiseict a leasachadh. B’ fheudar dhomh iomadh gnìomh eagranachadh aig an aon àm sa ghreis-ghnìomhachais seo: co-òrdanachadh thachartasan, ag obair mar ruitheadair air riochdachadh, a’ coileanadh ghnìomhan rianachd – leithid a bhith a’ stiùireadh leabhar-latha làitheil a’ Chinn-suidhe, a’ frithealadh choinneamhan, agus a’ cur dàta a-steach do dhuilleagan-clèithe Excel.

Tha dòigh fhor-ghnìomhach agam anns a h-uile nì, agus ’s ann le tlachd mhòir a gheibh mi gach cothrom a thig nam rathad ri bhith nam bhall de sgioba agus a’ cur ri pròiseactan; bho dhealbhachadh gu crìochnachadh soirbheachail.  Tha mi an dòchas gum beachdaicheadh sibh gum biodh na feartasan seo gu math iomchaidh do dh’iarrtasan na dreuchd agaibh. A thuilleadh, tha FilmG air a bhith na phàirt chudromach dem bheatha-sa, an dà chuid mar neach-èisteachd grunn thursan, agus ghabh mi pàirt ann am farpais anns an do bhuannaich mi duaisean dà thuras.

Tha mi air leth dealasach mun chothrom seo, agus bu mhath leam cur ri lìbhrigeadh soirbheachail pròiseact FilmG agus nan iomairtean eile aig Astar Media.

Tapadh leibhse airson ur n-ùine a’ leughadh seo. Tha mi an dòchas gum beachdaicheadh sibh orm mar thagraiche freagarrach don dreuchd.

Leis gach deagh dhùrachd,

Rebecca Chamshron

  • Updated 5 months ago