Rianaire

  • Pàirt-thìde / Part-time
  • Cnoc Soilleir, Uibhist a Deas
  • Posted 4 months ago
  • Tha seo dùinte do thagraichean ùra / Applications have closed
  • Tuarastal / Salary: £26,000 (pro-rata)
  • Cùmhnant / Contract: 1 bliadhna
  • Uairean san seachdain / Hours per week: 30

Thig a dh’obair na sgioba bheag ann an Cnoc Soilleir, Uibhist a Deas!

Dleastanasan

  • Taic a thoirt do luchd-ùidh leis a h-uile ceist choitcheann.
  • Clàran-gnothaich a chruthachadh agus geàrr-chunntasan a ghabhail airson coinneamhan luchd-obrach.
  • Siostam faidhlidh eagraichte a chumail suas.
  • Siubhal is àite-fuirich a chur air dòigh airson luchd-obrach, agus daoine eile bho thaobh a-muigh na buidhne.
  • Rian a chumail air stòr-dàta ballrachd agus stiùireadh air pròiseasan GDPR.
  • Clàradh, rèiteachadh agus bancadh gach pàigheadh tro Xero agus cunntas banca a’ chompanaidh.
  • Taic le pàigheadh luchd-obrach.
  • Sùil a chumail air clàran-ama, agus a’ clàradh shaor-làithean agus neo-làthaireachd.
  • Cuir a-steach inntrigidhean dàta airson co-ionannachd, iomadachd agus in-ghabhail (EDI), atharrachadh na gnàth-shìde, agus àireamhan luchd-èisteachd.
  • Taic a thoirt don Mhanaidsear Obrachaidh Eadar-amail ann a bhith ag ullachadh aithisgean don bhòrd gu cunbhalach.
  • Taic a thoirt don Mhanaidsear Obrachaidh Eadar-amail agus don Stiùiriche Chruthachail, mar a dh’fheumar, ann a bhith ag aithris agus ag ullachadh iarrtasan maoineachaidh.
  • Taic a thoirt do chur an gnìomh ar Poileasaidh agus Plana Gàidhlig.
  • A’ leasachadh agus a’ toirt taic do dhealbhachadh agus lìbhrigeadh a’ phrògraim thachartasan fad na bliadhna.
  • A’ co-òrdanachadh agus a’ riaghladh bùth na làraich-lìn, le uallach airson bathar.
  • A’ toirt seachad taic theicnigeach le stèidheachadh PA, fuaim agus solais – thèid trèanadh a thoirt seachad.
  • A’ cumail sùil air leabharlann Ceòlais agus catalogadh stuthan.
  • Dleastanasan sam bith eile a thathas a’ meas iomchaidh airson na dreuchd seo.
Dreuchd air a mhaoineachadh le / Post funded by

Tuilleadh fiosrachaidh / More info

Ceòlas Rianaire _ Administrator Post.pdf

Tha tagraichean dùinte airson an sanas-obrach seo. Tadhail air an duilleag obraichean airson cothroman ùra fhaicinn.

Applications for this position are closed. Please visit the jobs page to see new positions.