Làrach-lìn / Website /ceolasuibhist/Ceòlas Uibhist
Prìomh dhleastanasan dreuchd Oifigear Ionnsachaidh is Coimhearsnachd na Gàidhlig –
Lìbhrigeadh is Leasachadh Phrògraman
- Co-òrdanachadh air a’ phrògram bhliadhnail de chlasaichean Gàidhlig, an dà chuid gu pearsanta agus air-loidhne.
- Clàr bliadhnail de chùrsaichean bogaidh sa Ghàidhlig a lìbhrigeadh, a’ gabhail a-steach tro chom-pàirteachasan leithid Bliadhna Bhogaidh aig Oilthigh Ghlaschu.
- Leudachadh a thoirt air solas ionnsachaidh na Gàidhlig gach bliadhna, gu h-àraidh tro chlasaichean pearsanta aig Cnoc Soilleir.
- Dèanamh cinnteach gu bheil a h-uile gnìomhachd ionnsachaidh a rèir ìrean àrda le bhith a’ trusadh bheachdan bho luchd-ionnsachaidh, oidean agus com-pàirtichean, agus gan cur an gnìomh.
- Rianachd air clàradh chùrsaichean, agus taic phragtaigeach a thoirt do dh’ionnsachadh air-loidhne airson lìbhrigeadh chlasaichean.
Conaltradh is Taic do dh’Oidean
- Dàimhean làidir a thogail agus a leasachadh le oidean a th’ ann mar-thà agus oidean ùra.
- Oidean a chur air dòigh, agus taic a thoirt dhaibh ann a bhith a’ lìbhrigeadh chùrsaichean, a’ gabhail a-steach taic le goireasan agus innealan didseatach.
- Cothroman a lorg agus a lìbhrigeadh airson trèanadh is leasachadh oidean gach bliadhna.
- Leasachadh a dhèanamh air buidheann nan eòlaichean coimhearsnachd a bheir fiosrachadh ionadail agus eòlas beò an cois ionnsachadh na Gàidhlig.
Conaltradh is Co-obrachadh ri Coimhearsnachd
- Dèan conaltradh bitheanta le luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig stèidhichte ann an Uibhist, agus an fheadhainn a tha airson an sgilean Gàidhlig a leasachadh, a’ cuideachadh le bhith a’ comharrachadh agus a’ leasachadh chothroman gu h-ionadail.
- Cuir taic ri taobhan na Gàidhlig ann an tachartasan Cheòlais leithid na Sgoil Shamhraidh, a’ gabhail a-steach co-òrdanachadh luchd-teagaisg agus gnìomhachdan stèidhichte air a’ Ghàidhlig.
- Brosnaich com-pàirteachasan le buidhnean a’ gabhail a-steach Oilthigh Ghlaschu, Piping Live!, buidhnean ionadail, agus gnìomhachasan gus ionnsachadh na Gàidhlig a neartachadh sa choimhearsnachd.
- Brosnaich gnìomhachdan agus tachartasan Gàidhlig Cheòlais gu luchd-èisteachd farsaing tro obair-ruigheachd, tachartasan agus co-obrachadh.
Freagarrachadh Ro-innleachdail is Buidhne
- Cuir ri amasan farsaing Cheòlais, ag obair a rèir a’ Phlana Ro-innleachdail agus prìomhachasan luchd-maoineachaidh, leithid Bòrd na Gàidhlig.
- Taic a thoirt do sgrùdadh, measadh agus aithris na buidhne mar a dh’fheumar.
- Taic a thoirt don bhuidheann ann a bhith a’ leasachadh Cnoc Soilleir mar phrìomh ionad airson ealain is cultar na Gàidhlig.
Sgrùdadh Ionmhais
- Stiùirich buidseatan ionnsachaidh na Gàidhlig gu h-èifeachdach, a’ dèanamh cinnteach gu bheil a h-uile gnìomh air a lìbhrigeadh ann an deagh àm agus taobh a-staigh a’ bhuidseit.
Sònrachadh Pearsanta:
Teisteanasan is Eòlas Riatanach:
- Teisteanas buntainneach no eòlas co-ionann ann am foghlam, leasachadh coimhearsnachd no a’ Ghàidhlig
- Eòlas air prògraman foghlaim, cànain no cultarail a cho-òrdanachadh no a lìbhrigeadh
- Eòlas air obair le buill coimhearsnachd no saor-thoilich
- Eòlas air taic no stiùireadh a thoirt do dhaoine eile (m.e. oidean, luchd-eòlaich)
- Sgilean conaltraidh is togail dhàimhean fìor-mhath, leis a’ chomas raon farsaing de luchd-ùidh a thàladh agus a stiùireadh, bho bhuill coimhearsnachd gu com-pàirtichean nàiseanta
- Fìor dhìorras airson cultar, cànan agus dualchas na Gàidhlig, le dealas làidir a thaobh ealain na Gàidhlig a ghleidheadh agus a bhrosnachadh air taobh a-staigh na coimhearsnachd.
Teisteanasan & Eòlas Ion-mhiannaichte:
- Eòlas air obair Cheòlais
- Eòlas air Google Classroom a chleachdadh
- Eòlas air riaghladh ionmhais, a’ gabhail a-steach buidseatadh, airson phròiseactan
- Eòlas air sgrùdadh, measadh no aithris air pròiseactan do luchd-maoineachaidh
- Lìonra de cheanglaichean air taobh a-staigh saoghal na Gàidhlig, a’ gabhail a-steach com-pàirteachasan le oilthighean, buidhnean cultarail agus buidhnean riaghaltais.
Sgilean & Feartan:
- Neach-labhairt fileanta sa Ghàidhlig le sgilean litearrachd misneachail
- Neach a tha eòlach air obair sgioba, a bhrosnaicheas cruthachalachd, a tha a’ toirt taic do dh’fhàs proifeasanta, agus a’ togail dhàimhean làidir air taobh a-staigh agus a-muigh na buidhne
- Dealas domhainn ann a bhith a’ brosnachadh agus a’ glèidheadh cànan, ceòl agus dualchas na Gàidhlig an cois coimhearsnachd, agus nas fhaide air falbh
- Comasach air soirbheachadh ann an àrainneachd luath, atharrachail, agus a bhith a’ freagairt gu h-èifeachdach do dhùbhlain agus chothroman.
Dreuchd air a mhaoineachadh le / Post funded by


Tha tagraichean dùinte airson an sanas-obrach seo. Tadhail air an duilleag obraichean airson cothroman ùra fhaicinn.
Applications for this position are closed. Please visit the jobs page to see new positions.