Bòrd na Gàidhlig
Tha Bòrd na Gàidhlig airson 1 x Cathraiche agus suas gu 3 x Buill-bhùird a chur an dreuchd.
Tha an Leas-Phrìomh Mhinistear a’ cur luach mòr air na buannachdan a dh’fhaodas a bhith ann ma thèid measgachadh farsaing de shuidheachaidhean sòisealta agus eòlas-beatha a riochdachadh air a’ Bhòrd. Cuiridh i fàilte gu sònraichte air iarrtasan bho dhaoine bho choimhearsnachdan dham buin a’ Ghàidhlig gu traidiseanta.
Dreuchd Cathraiche a’ Bhùird
Thathar an dùil ri na leanas:
- gum bi an Cathraiche, mar phrìomh neach-tagraidh Bhòrd na Gàidhlig, a’ riochdachadh – aig ìre nàiseanta, na Rìoghachd Aonaichte agus eadar-nàiseanta – na buidhne fhèin agus na pàirt reachdail a th’ aice ri chluich ann an coileanadh nan amasan-poileasaidh a th’ aig Ministearan na h-Alba dhan Ghàidhlig;
- gur ann air a’ Chathraiche a bhios am prìomh dhleastanas airson lìbhrigeadh nan toraidhean a dh’fheumas Ministearan na h-Alba bho Bhòrd na Gàidhlig, agus gun cùm an Cathraiche suas dàimhean-obrach làidir ri Ministearan, leis gur e dleastanas Bhòrd na Gàidhlig a bhith na phrìomh bhuidheann-chomhairle dhan Riaghaltas air a’ Ghàidhlig;
- gun stiùir an Cathraiche am Bòrd, ’s riaghladh corporra daingeann agus slighe chorporra shoilleir ann do Bhòrd na Gàidhlig fhèin agus dhan luchd-obrach aige;
- gun toir an Cathraiche seachad stiùireadh agus taic àrd-ìre dhan Cheannard agus do Sgioba-stiùiridh Bhòrd na Gàidhlig a thaobh coileanadh nan toraidhean a dh’fheumar bho Bhòrd na Gàidhlig, ’s cultar-obrach ann a bhios stèidhichte air feabhas, leasachaidhean leantainneach, agus luach an airgid phoblaich;
- gun toir an Cathraiche seachad stiùireadh agus taic àrd-ìre dhan Cheannard a thaobh an leasachaidh phroifeiseanta leantainnich aige/aice;
- gum bi an Cathraiche a’ togail agus a’ cumail suas dhàimhean-obrach làidir ri buidhnean Gàidhlig, ris a’ choimhearsnachd Ghàidhlig san fharsaingeachd agus ri farsaingeachd mhòr de bhuidhnean eile, airson co-obrachadh èifeachdach a ruigsinn leis an gabh amasan a’ Phlana Nàiseanta a choileanadh;
- gum bi an Cathraiche na T(h)osgaire dhan chànan anns na meadhanan, agus ann an conaltradh ri luchd-ùidhe bhon taobh a-muigh.
Dreuchd Ball a’ Bhùird
Thathar an dùil gun cuidich Buill a’ Bhùird leis an obair a leanas:
- a’ brosnachadh dhaoine gu bhith a’ cleachdadh na Gàidhlig agus a’ tarraing aire dhaoine chun a’ chànain;
- ag obair còmhla ri prìomh bhuidhnean Gàidhlig agus buidhnean san roinn phoblaich airson cleachdadh na Gàidhlig a chur air adhart, agus a’ comharrachadh chothroman ùra airson obair a dhèanamh ann an com-pàirteachadh le buidhnean sna roinnean poblach, prìobhaideach agus saor-thoileach mar a bhios sin iomchaidh;
- a’ cuideachadh le bhith a’ dealbhadh agus a’ leasachadh amasan ro-innleachdail a’ Bhùird, a’ stèidheachadh cheann-uidhe dùbhlanach agus a’ cumail sùil air adhartas leis na cinn-uidhe sin;
- a’ toirt aire cheart dhan stiùireadh a gheibhear bho Mhinistearan na h-Alba agus Riaghaltas na h-Alba;
- a’ cur ri obair aonan no dhà de chomataidhean a’ Bhùird (Comataidh Poileasaidh is Ghoireasan, agus Comataidh Sgrùdaidh is Stiùireadh Chunnartan);
- a’ cumail sùil air agus a’ cur ri Plana Nàiseanta na Gàidhlig 2023-28.
PÀIGHEADH AGUS AN ÙINE A THA A DHÌTH
- Gheibh Cathraiche tuarastal de £14,196.96 sa bhliadhna; tha seo stèidhichte air reat làitheil de £295.77 gach latha thar 4 làithean sa mhìos. Chan fhaighear peinnsean mar phàirt dhen dreuchd seo.
- Gheibh Ball-bùird tuarastal de £7,123.32 sa bhliadhna; tha seo stèidhichte air reat làitheil de £197.87 thar 3 làithean sa mhìos. ’S ann fo ùmhlachd ath-sgrùdaidh bhliadhnail a tha seo. Chan fhaighear peinnsean mar phàirt dhen dreuchd seo.
- Aig a’ char as ìsle, thathar an dùil gun toir an Cathraiche seachad dleastanas-ùine de 4 làithean gach mìos (48 làithean gach bliadhna).
- An-dràsta, thathar an dùil sa chumantas gun toir Buill seachad 3 làithean gach mìos (36 làithean gach bliadhna) às leth obair Bhòrd na Gàidhlig.
Tuilleadh fiosrachaidh / More info
6. Public Appointments Oracle Applicant Information Pack July 2025 Gaelic.docx6. Public Appointments Applicant Information Pack August 2025 FINAL.pdf
Tha tagraichean dùinte airson an sanas-obrach seo. Tadhail air an duilleag obraichean airson cothroman ùra fhaicinn.
Applications for this position are closed. Please visit the jobs page to see new positions.